B' e dràmaire, sgrìobhadair agus bàrdSasannach na 16mh is 17mh linn a bha ann an William Shakespeare.
Tha e ainmeil airson a dhealbhan-cluiche agus a shonaidean. Rugadh e ann an 1564 ann an Stratford-upon-Avon is phòs e Anne Hathaway nuair a bha e 18 bliadhna a dh'aois. Chan eil fhios againn na rinn e ro 1593 nuair an deach na taighean-cluiche ann an Lunnainn an dùnadh air sgàth na plàighe, is dh'fhoillsich e Venus and Adonis. Stèidhich e agus cleasaichean eile The Lord Chamberlain's Men ann an 1863.[1]
Tha an dealbh seo aithnichte ann am Beurla mar an 'Chandos portrait': air ainmeachadh mar sin oir b' ann le James Brydges, 1d Diùc Chandos a bha e. Thathar a' creidsinn gun do rinn am peantair John Taylor (? - 1651) e uaireigin eadar 1600-1610. 'S e a' chiad dealbh a fhuair an National Portrait Gallery (Lunnainn) ann an 1856 nuair a thug Francis Egerton, 1d Iarla Ellesmere dhaibh e. 'S e seo an aon dealbh de Shakespeare a thathar a' creidsinn gun deach a dhèanamh le Shakespeare fhèin an làthair.[2]