Wadowice
Wadowice
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | a' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Pòlainn Ìosail | ||||
Sgìre | Wadowice fhèin | ||||
Co-chomharran | 49° 53 800′ Tuath 19° 20 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10.63 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 19,205 (2014) | ||||
Dlùths | 1,806.68/km² | ||||
Àireamh fòn | ( 48) 033 | ||||
Duilleag oifigeil | [1] |
‘S e baile meadhanach ann an ceann a deas na Pòlainn a th’ann am Wadowice (IPA: vadɔˈvʲit͡sɛ, Gearmailtis: Wadowitz, Latbhais: Vadovice). Tha e suidhichte aig 271m os cionn ìre na mara,[1] ann an roinn na Pòlainn Ìosail (Pòlais: Małopolska) agus 's e prìomh-bhaile na sgìre Powiat Wadowicki a th'ann. Tha Wadowice 265km air falbh bho Lublin, 216km bho Kraków, 500km bho Gdańsk agus 284km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 19,149 a’ fuireach ann. A-rèir beul-aithris na sgìre, ‘s e fear air an robh Wad, am foirm goirid dhen ainm Władysław, a steidhich am baile san 10mh linn neo san 11mh linn. Chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas mar Wadowicze, ann an 1225. Ann an 1340 chaidh a’ mhòr-chuid dhen bhaile a mhilleadh ann an droch theine, ach fhuair e a chuid chòirichean san aon bhliadhna.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Karol Józef Wojtyła (1920 – 2005). Pàp bho 1978 gu ruige 2005.
Bailtean Co-cheanailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Canale d'Agordo[3]
- Carpineto Romano
- Pietrelcina
- San Giovanni Rotondo
- Sona