Jump to content

Urras Iain Muir

O Uicipeid
Urras Iain Muir
buidheann
Cur air cois1983 Deasaich
Prìomh-àite rianachdBaile Chloichridh Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.jmt.org/ Deasaich

’S e buidheann carthannais ann an Albainn a tha ann an Urras Iain Muir (gu neo-fhoirmeil sa Ghàidhlig: Urras Sheonaidh a’ Mhonaidh; Beurla: John Muir Trust). Chaidh a stéidheachadh ann an 1883 mar bhuidheann ballrachd airson fearann fiadhaich a ghléidheadh. Tha barrachd is 10,000 ball aige air feadh na Cruinne.

’S e obair, meanmna agus dìleab an fhir-gléidhteachais Iain Muir a tha a’ brosnachadh an Urrais. Rugadh Iain Muir ann Dùn Barra ann an Lodainn an Ear sa bhliadhna 1838. Chuir e an Sierra Club air chois ann an California ann an 1892, a tha a-nis ’na fhear de na buidhnean gléidhteachais as cudromaiche sna Stàitean Aonaichte.

Tha an t-Urras a’ cur air dòigh farpais sgrìobhaidh gach bliadhna, le duaisean airson Gàidhlig agus duaisean airson Beurla.

A bharrachd air sin, tha an t-Urras a’ toirt seachad teastanas airson obair spòrsail a’ buntainn ri àite fiadhaich: lorg, rannsachadh, gléidheadh agus roinneadh le daoine eile. Tha Comunn na Gàidhlig a’ brosnachadh an Duais Iain Muir[1] seo tro mheadhan na Gàidhlig gach bliadhna do sgoiltean agus òigridh, le taic bho NàdarAlba.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Duais Iain Muir”. Comunn na Gàidhlig. Air a thasglannadh [o http://www.cnag.org/gd/duais-iain-muir] 29mh dhen Ghiblean 2016. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2024.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]