Stans
Coltas
Stans
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Nidwalden | ||||
Cànan | Gearmailtis | ||||
Co-chomharran | 46° 57 35′ Tuath 08° 22 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 11.08 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 7,961 (2010) | ||||
Dlùths | 718.5/km² | ||||
Àireamh fòn | 41 41 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.stans.ch |
‘S e baile beag ann an cridhe na h-Eilbheis a th’ ann an Stans (Laideann: Stannis). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1124. Tha e suidhichte aig 558m os cionn ìre na mara[1] ann an ìochdair ghlinn eadar na beanntann Stanserhorn agus Buochserhorn, anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Nidwalden, dìreach 47km air falbh bho Zürich, 187km bho Ghenève agus 68Km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 7,961 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 187mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Stans.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Arnold Odermatt (1925): Dealbhadair.
- Urs Odermatt (1955): Riochdaire fiolmaichean.
- Zoël Amberg (1992): Dràibhear rèiseadh.