Jump to content

Soills air Mo Smuain

O Uicipeid

'S e “Soills' Air Mo Smuain” laoidh le freumhan a tha righinn air ais do dh’Èireann agus na “Linntean Dorcha”. S’ ann bho sheann laoidh ann an Gàidhlig na h-Èireann a chaidh a thionndadh gu Beurla nuair a dh’eadar-theangaich an sgoilear Màiri Byrne e bhon t-seann-Ghàidhlig gu Beurla ann an 1905 agus i anns a' bhliadhna mu dheireadh aice aig Oilthigh na h-Èireann. Greiseag bheag an dèidh seo chaidh a sgrìobhadh ann an rannan le Eleanor Hull an 1912.

A-rèir choltais s ’ann le manach Èireannach dhan ainm Dallan Forgaill a chaidh an laoidh a sgrìobhadh anns an 6mh linn agus e a' fosgladh le:

Rop tú mo baile, a Choimdiu cride
Bí Thusa 'mo shúile a Rí mhór na ndúil
Is Tusa mo shuilean, Righ mo chridhe

Chanadh cuid gur e Forgaill prìomh bhàrd, no filidh, na h-Èireann aig an àm a bha seo agus cliù mhòr aige mar am bàrd ‘oifigeil’ is ainmeil air an eilean. Bha Dallan cuideachd eòlach air Calum Cille agus ‘s e a sgrìobh Amra Chaluim Chille mar cuimhneachan dhà.

Tha an laoidh air a sheinn ri seann fhonn Èireannach dhan ris an canar “Slaine”/”Slane” a tha air ainmeachadh an dèidh cnoc faisg air Baile Shláine aig a bheil àite sònraichte ann am beul-aithris/eachdraidh a’ Chrìosdaidheachd ann an Èireann. An seo, tha e coltach, loisg Calum Cille teine air a' chnoc an dèidh do dh’Àrd-Righ Laoire òrdugh a thoirt seachad nach fhaodadh neach sam bith teine a losgadh roimhe agus fèis pàganach gus tòiseachadh ann an Tara. An àite fhàgail feargach ‘s e am buaidh a bh’ aig na rinn Calum Cille ach an Rìgh fhàgail measail air agus e a gabhail ioghnadh air mar a bha e gun eagal idir. Mar sin thug e cead dhà cumail air leis an obair aige a sgaoileadh Crìosdaidheachd an Èirinn.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]