Slighe na Gàidhealtachd an Iar
Slighe na Gàidhealtachd an Iar | |
A' ghrian a' tighinn tro na sgothan air latha fliuch air oir Raineich aig deireadh a' Ghiblein 2008 An West Highland Way eadar Drochaid Urchaidh agus Taigh an Rìgh. | |
Fad | 152 km (94 mi) |
Àite | Alba |
Ainmeachadh | Scottish LDR |
Crìochan | Muileann-Ghaidh An Gearasdan |
Cleachdadh | Coiseachd |
Ìre | Meadhanach |
Ràith | Fad na Bliadhna |
Cunnartan | Sìde |
'S e frith-rathad astair ann an Alba a th' anns an Slighe na Gàidhealtachd an Iar (Beurla: West Highland Way) le inbhe oifigeil mar Long Distance Route. Tha e 153km de dh'fhaid, a' fàgail bho Mhuileann-Ghaidh taobh tuath Ghlaschu agus a' dol dhan Ghearasdan air a' Ghàidhealtachd. Bithear a' coiseachd air an t-slighe seo agus a' streap bho àm gu àm. Coimheadaidh Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar, Comhairle Shruighlea, Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bòd, Comhairle na Gàidhealtachd agus Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Trosaichean às a dhèidh còmhla. Cleachdaidh mu 85,000 duine an t-slighe gach bliadhna.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Slighe na Gàidhealtachd an Iar a' chiad chas-ceum astar oifigeil ann an Alba. Chaidh aontachadh leasachadh air an t-slighe a dhèanamh ann an 1974 agus chuireadh crìoch air an obair air 6 an Dàmhair 1980.[1]
An t-Slighe
[deasaich | deasaich an tùs]Cleachdaidh an t-slighe mòran seann rathaidean, am measg rathaidean-cruith, rathaidean saighdearach agus seann rathaidean carbaid. Mar as trice coisichear bho Dheas gu Tuath. San dòigh sin chan fhaighear a' ghrian an aghaidh agus fàsaidh ìre an tachartais leis an astar.
Mar as trice coisgear seachd no ochd làithean air an fhrith-rathad, ged a nì luchd-coiseachd fit agus nas eòlaich an astar ann an còig no sia làithean. Tha e comasach a dhèanamh fada nas luaithe, ach taghaidh a' mhòr-chuid de luchd-coiseachd ùine nas fhaide gus bòidhchead na h-àrainneachd a ghabhail, a tha ri faicinn ann am pailteas. 'S e sin as adhbhar don mhòr-chuid coiseachd air an rathad seo.
Gu h-oifigeil tòisichidh am frith-rathad ann am meadhan Muileann-Ghaidh, far a bheil liagan leacach a' sealltainn toiseach a' cheum. Ruigidh a' mhòr-chuid aig stèisean Muileann-Ghaidh a tha faisg air làimh. Tha Muileann-Ghaidh suidhichte air àrd a Tuath Ghlaschu, ach ruigear àrainneachd dhùthchail gu luath, a' dol seachad air Loch Laomainn, tron Chrìon Làraich agus Taigh an Droma, tro Raineach agus mu dheireadh thall thairis air na beanntan gu Ceann Loch Lìobhann agus An Gearasdan. Air an rathad chithear seann rathaidean na dùthcha, seann rathad iarainn, Pàirc Choille Ban-righ Ealasaid Conic Hill. Nuair a ruigear Gleann Nibheis, bidh mòran daoine fhathast a' streap Beinn Nibheis, a' bheinn as àirde ann am Breatainn.
Air sgàth an uimhir de dhaoine a choisicheas air an aon slighe tha pàirtean mòra den cheum air bleitheadh gu làidir. Ach thathar a' dèanamh a dhìcheall am frith-rathad a ghlèidheadh agus a chàradh gu cùramach. Aig amannan tha an rathad cho leathann is gum faodadh dràibheadh orra, ach chan ann air sgàth bleith a tha sin ach 's e seann rathaidean saighdearach a th' ann. Molar gu daoine a tha a' sireadh uaigneas gun a bhith a' tòiseachadh an fhrith-rathaid aig deireadh na seachdaine.
Feumar cumail na chuimhne gu bheil na meanbh-chuileagan a' tòiseachadh aig deireadh a' Chèitein agus a' mairsinn gus an t-Sultain. Feumar aire a thoirt air an an t-sìde Albannach a tha bhios ag atharrachadh gu luath agus a tha garbh. Tha aodach dìonach agus sùil air an ro-shealladh riatanach.
Ceum 1: Muileann-Ghaidh gu Druiminn
[deasaich | deasaich an tùs]Gu h-oifigeil tòisichidh am frith-rathad ann am meadhan Muileann-Ghaidh, far a bheil liagan leacach a' sealltainn toiseach a' cheum. Ruigidh a' mhòr-chuid aig stèisean Muileann-Ghaidh a tha faisg air làimh. Tha Muileann-Ghaidh suidhichte air àrd a Tuath Ghlaschu. Thèid an ceum seachad air Caisteal Mugdock agus Pairc Dùthaich Mugdock mus ruigear sgìre dùthchail agus mu dheireadh thall Duirminn.
- Muileann-Ghaidh gu Càrn Beithe - 5 mìle
- Càrn Beithe gu Druiminn - 7 mìle
Tha am pìos seo mu 19km de dh'fhaid.[2]
Ceum 2: Druiminn gu Baile Mo Chatha
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a' fàgail Druiminn agus thèidear a-staigh Coille Garadh Bàn agus an uair sin mullach Conic Hill, a' chiad mullach air an t-slighe agus àite inntinneach[3], 358m de dh'àirde. Air latha brèagha chithear an t-Eilean Arain bho seo. Tha an t-slighe a' dol sìos agus tro choille, agus 's e an ath chlachan a ruigear Baile Mo Thatha air bruach an ear Loch Laomainn.
- Druiminn gu Baile Mo Chatha - 8 mìle
Tha an ceum seo mu 13km de dh'fhaid.
Ceum 3: Baile Mo Chatha gu Rubha àird Eònain
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an ceum a' fàgail Baile Mo Chatha agus a' dèanamh air àrd a Tuath ri taobh bruach Loch Laomainn tro Coille Rubha Àird Eònain. An toiseach coisichear air rathad, an uair sin ri taobh an loch tron choille. Thèidear suas cnoc agus nuair a thigear sìos tachraidh an t-slighe ri cladach beag, far am faicear àite-còmhnaidh clach-aoisean mus ruigear Rubha Àird Eònain.
- Baile Mo Chatha gu Rubha Àird Eònain - 7 mìle
Tha am pàirt seo mu 11km de dh'fhaid.
Ceum 4: Rubha àird Eònain dhan Chrìon Làraich
[deasaich | deasaich an tùs]Fàgaidh an t-slighe Rubha àird Eònain a' dèanamh air an Ear-Thuath ri taobh bruach an ear Loch Laomainn, a' dol seachad air prìosan Rab Ruaidh tro choille àlainn a dh'Inbhir Snàthaid. Às dèidh sin thèidear seachad air Uamh Rab Ruaidh agus air falbh bhon bhruach suas gu àirde raineach agus feurach agus suas a' chnoc, mus ruigear Inbhhir Àirnein, far a bheil an taigh-òsta ainmeil The Drover's Inn. Tha an t-slighe a' dol seachad air cùl Tuathanas Beinn Ghlas agus a' dìreadh a-mach às a' ghleann. Chithear Eas Falloch agus feumar dol thairis drochaid mus ruigear drochaid rathad iarrainn anns A' Chrìon Làraich.
- Rubha Àird Eònain gu Inbhir Snàthaid - 7 mìle
- Inbhir Snàthaid gu Inbhir Àirnein - 7 mìle
- Inbhir Àirnein chun A' Chrìon Làraich - 6 mìle
Tha am pìos seo mu 32km de dh'fhaid.
Ceum 5: A' Chrìon Làraich gu Taigh an Droma
[deasaich | deasaich an tùs]Coisichear air deagh cheumannan tron ghleann le àrainneachd àraid mòintich. An toiseach coisichear suas tro fheur, raineach agus coilltean. Tha an t-slighe a' dol ri taobh an rathaid, a' dol thairis air turas no dhà. Thathar a' cumail ris a' bheinn gus an ruigear Tuathanas Uachdar Tìre agus Stèisean ìosail Taigh an Droma.
- A' Chrìon Làraich gu Taigh an Droma - 6 mìle
Tha am pìos seo mu 10km de dh'fhaid.
Ceum 6: Taigh an Droma gu Gleann Comhann
[deasaich | deasaich an tùs]Tha am pàirt seo a' leantainn rathad saighdearach, agus an uair sin ceum ri taobh na beinne. Chithear dà sheann drochaid rathaid (viaduct) a tha a' toirt dealbh àlainn den àrainneachd. Leanar rathad saighdearach a-rithist gu Drochaid Urchaidh. Tha an t-slighe a' leantainn an rathad A8005 thairis air drochaid Urchaidh. Bidh an t-slighe a-nis a' dìreadh agus gheibhear seallaidhean mìorbhaileach bho mhullach a' chnuic seo, a tha 1000 troigh a dh'àirde. Cromaidh an ceum gus an ruigear taigh-òsta Inbhir Dhobhrain. Às dèidh sin thèid an rathad tro Mhòinteach Raineach, agus ann an droch shìde 's e pìos cruaidh a th' ann agus feumar a bhith cùramach gun a bhith a' fàgail na slighe mus ruigear Taigh-òsta Taigh an Rìgh.
- Taigh an Droma gu Drochaid Urchaidh - 7 mìle
- Drochaid Urchaidh gu Inbhir Dhobhrain - 2 mìle
- Inbhir Dhobhrain gu Taigh an Rìgh - 10 mìle
Tha am pàirt seo mu 30km de dh'fhaid.
Ceum 7: Gleann Comhan gu Ceann Loch Lìobhann
[deasaich | deasaich an tùs]'S e aon de na gleanntan as bòidhche ann an Alba a th' ann an Gleann Comhann, agus 's e pàirt a th' ann de National Scenic Area of Ben Nevis and Glencoe. Tha an gleann caol àraid agus air leth brèagha, le beanntan àrda agus cas air gach taobh. Fàsaidh an àrainneachd nas solta a dh'ionnsaigh Inbhir Comhann. Cha lean an t-slighe idir tro Ghleann Comhann ach fàgar an gleann ann an Alt na Feadh far a bheilear a' dìreadh gu cas "Devil's Staircase" Nuair a ruigear am mullach (500m) gheibhear sealladh air an Black Water Reservoir mus bithear a' dol leis a' bhruach seachad air na pìoban uisge gu Ceann Loch Lìobhann.
- Taigh an Rìgh gu Ceann Loch Lìobhann - 9 mìle
Tha am pìos seo mu 14km de dh'fhaid.
Ceum 8: Ceann Loch Lìobhann dhan Ghearasdan
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an ceum a' dìreadh gu cas a' fàgail Ceann Loch Lìobhann, ach às dèidh lùib chaoil chithear sealladh àlainn air na beanntan agus ruigear an Làirig Mhòr le beanntan àrda air gach taobh. Théid an t-slighe tro choille beithe agus sìos gu Gleann Nibheis agus mu dheireadh thall dhan Ghearasdan.
- Ceann Loch Lìobhann dhan Ghearasdan - 14 mìle
Tha am pàirt seo mu 22km de dh'fhaid.
Rèis Slighe na Gàidhealtachd an Iar
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a' cumail rèis gach bliadhna air Slighe na Gàidhealtachd an Iar air fad bho 1991. Tòisichidh an rèis aig uair sa mhadainn air Disathairne ann am meadhan an Ògmhios. Tha an rèis stèidhichte air beachd aig Bobby Shields (Clydesdale Harriers) agus Duncan Watson (Loch Abair) a bhith a ruith air ceum astair as ainmeil ann an Alba.
Aig an àm sin bha an ceum gu math eadar-dhealaichte bho a chruth an-diugh. Bha e 10 mìle nas giorra agus bha 10-12 mìltean dheth aier rathad cruaidh agus 2000 slat nas lugha de streap. Tha sin a' ciallachadh gun robh e na b' fhasa aig an àm na tha e an-diugh.
Air 22 an t-Ògmhios 1985 thòisich dithis chòmhstrìtheach bho Mhuileann-Ghaidh, gach aon ag iarraidh a bhith nas luaithe na am fear eile. às dèidh 60 mìle, a' tòiseachadh thairis air Raineach thàinig e orra gum bi iad a' milleadh càch a chèile nan cumadh iad a' dol mar sin. Mar sin thàinig iad gu co-dhùnadh co-obrachadh agus a ruith còmhla. Rinn iad an ceum air fad airson a' chiad turas ann an 17 uairean 48 mionaidean gu leth.
Bha Duncan agus Bobby ainmeil airson a bhith fialaidh, agus ann an 1986 chuir iad cuireadh do charaidean gus ruith nan aghaidh bhon Ghearasdan gu Muileann-Ghaidh. Ann an 1987 ruith iad a-rithist bho Dheas gu Tuath, agus ràinig seachdnar bho 11 an Gearasdan. Ghabh Jim Stewart thairis stiùireadh an tachartais ann an 1991 nuair a bha am frith-rathad deiseil gu h-oifigeil, an cuairt air atharrachadh, a-nis 153km de dh'fhaid le dìreach 15km air rathad, le barrachd sreip, agus le sin an t-slighe air fad nas doirbhe. Bhiodh na còmhstrithich air an t-slighe na b' aide a-nis agus bhiodh tuilleadh a' cosg dàrna oidhche air.
Ann an 2009 ràinig 122 an Gearasdan. Tha 514 air an t-slighe air fad a ruith gu h-oifigeil, agus rinn Jim Drummond e 14 tursan.
'S e am fear as luaithe gu ruige seo Jez Bragg à Solihull, a rinn e ann an 15:44:50 a' tòiseachadh air 24 an Ògmhios 2006. 'S i an tè as luaithe Caggy Hamilton à Sruighlea a rinn e ann an 17:16:20 ann an 2007.
Bailtean agus Taighean-òsta air an t-Slighe
[deasaich | deasaich an tùs]Bho Dheas gu Tuath le astair bho Mhuileann-Ghaidh, thèid Slighe na Gàidhealtachd an Iar tro na bailtean is àiteachan seo:
- Muileann-Ghaidh
- Beech Tree Inn, Glengoyne
- Druiminn
- Baile Mo Thatha, Loch Laomainn; 30 km (19 mìle)
- Rubha Àird Eònain, Loch Laomainn; 44 km (27 mìle)
- Inbhir Snàthaid, 54 km (34 mìle)
- Inbhir Àirnein, 64 km (40 mìle)
- A' Chrìon Làraich, 75 km (47 mìle)
- Taigh an Droma, 85 km (53 mìle)
- Drochaid Urchaidh, 95 km (59 mìle)
- Inbhir Dhobhrain, 99 km (62 mìle)
- Taigh-òsta Taigh an Rìgh, 115 km (71 mìle)
- Ceann Loch Lìobhann, 130 km (81 mìle)
- An Gearasdan, 152 km (95 mìle)
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ The West Highland Way, Terry Marsh 2003 ISBN 1-85284-369-1 Cicerone
- ↑ The West Highland Way, Terry Marsh
- ↑ Urras Nàiseanta na h-Alba[dead link]