Jump to content

Sion

O Uicipeid
Sion
Mapa Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Eilbheis
Roinn Eilbheiseach Valais
Cànan Fraingis
Co-chomharran 46° 13 40′ Tuath
07° 21 31′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 25.62 km²
Àireamh-shluaigh 30,363 (2010)
Dlùths 1,185.13/km²
Àireamh fòn 41 31
Duilleag oifigeil http://www.sion.ch

‘S e baile meadhanach air an àirde an iar-dheas na h-Eilbheis a th’ ann an Sion (Gearmailtis: Sitten, Laideann: Sedunum). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Dùn nan Seadunach, bhon fhacal Ghallais dunum agus Sedunii, ainm an treubh Cheilteach aig an robh an dùn o shean. Tha e suidhichte aig 469m os cionn ìre na mara[1] ri taobh na h-aibhne Rhône, anns an roinn (Fraingis Canton) Valais, 155km air falbh bho Zürich, 91km bho Ghenève agus dìreach 80km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 30,363 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 20mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Fraingis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Sion.

Bhuineadh am baile gu Poblachd Rhodàinia bho 1802 gu ruige 1810.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Fernand Dubuis (19081991) Dealbhadair.
  • Patrick Devanthéry (1954): Ailtire.
  • Marc Aymon (1982): Seinneadair.
  • Gilberte Favre (1945): Sgrìobhadair.
  • Frédéric Mermoud (19232003) Riochdair fiolmaichean.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. World Gazetteer
  4. Fiosrachadh mu dheidhinn Cholón
  5. Stadt Wiblingen

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]