Pierre Kemp
Pierre Kemp | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Maastricht, 1 dhen Dùbhlachd 1886 |
Dùthaich | Rìoghachd nan Tìrean Ìsle |
Ciad chànan | Duitsis |
Bàs | Maastricht, 21 dhen Iuchar 1967 |
Foghlam | |
Cànain | Duitsis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, sgrìobhadair, pottery painter (en) agus peantair |
Àitichean-obrach | Maastricht |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Far-ainmean | W. Maasburg agus Robert Ree |
B' e bàrd, peantair agus sgrìobhadair às Na Tìrean Ìsle a bha ann am Pierre Kemp (Maastricht 1 an Dùbhlachd 1886–Maastricht, 21 an t-Iuchar 1967).[1] Thathar dhen bheachd gu robh a chuid obrach gu math duibhir, muladach. Sgrìobh Kemp a’ chiad phìos bhàrdachd airson a’ phàipear-naidheachd De Limburger Koerier ann an 1910. Chuir e bliadhna seachad na phreantas fhear-aithris aig De Tijd ann an Amsterdam mus do dh’fhalbh e dhachaigh. Phòs e ri Hubertina Catharine Mommers ann an 1918 agus fhuair iad triùir duine-chloinne. Chuir e seachad tòrr bhliadhna, bho 1916 gu ruige 1945,[2] ag obair ann am mèinn ann an Eygelshoven is e a’ sgrìobhadh cuideachd, fiù 's air an trèana air an slighe dhachaigh. Bhuannaich e an Duais Constantijn Huygens agus 2,500ƒ ann an 1956[3] agus an Duais P.C. Hooft ann an 1958.[4] 'S e sgrìobhadair a bh' ann a bhràthair beag, Mathias Kemp, cuideachd. A bharrachd air sgrìobhadh, ’s e sàr pheantair a bh’ ann agus chaidh taisbeanaidhean a chuid obrach a chumail ann am Maastricht ann an 1975 agus 2010 san taigh-tasgaidh Bonnefanten ann am Maastricht.[5]
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]- 1914 - Het wondere lied
- 1916 - De bruid der onbekende zee en andere gedichten
- 1925 - Limburgs Sagenboek
- 1928 - Carmina Matrimonalia
- 1934 - Stabielen en passanten
- 1938 - Fugitieven en constanten
- 1940 - Transitieven en immobielen
- 1946 - Pacific
- 1946 - Standard-book of classic blacks
- 1947 - Phototropen en noctophilen
- 1949 - Forensen voor Cythère en andere gedichten
- 1956 - Engelse verfdoos
- 1958 - Vijf families en één poederblauw
- 1959 - Emeritaat
- 1959 - Garden, 36, 22, 36 inches
- 1960 - Les Folies Maestrichtoises
- 1961 - De incomplete luisteraar
- 1961 - Au Pays du Tendre mosan
- 1965 - Perzische suite voor Dr. E.F. Tijdens
- 1976 - Verzameld werk
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Pierre Kemp” (Duitsis). digitale bibliotheek voor de Nederlandse letteren. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “Pierre Kemp, kunstenaar en pendelaar”. De Mijnen. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “Laureaten” (Duitsis). Jan Campert-Stichting. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “P.C. Hooft-prijs”. Stichting P.C. Hooft-prijs. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ “About Pierre Kemp” (Beurla). Bonnefantenmuseum. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.