Jump to content

Palma de Mallorca

O Uicipeid
Palma de Mallorca
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Na h-Eileanan Balèarach
Sgìre Na h-Eileanan Balèarach
Co-chomharran 39° 33' 12' Tuath
02° 37' 31' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 208.63 km²
Àireamh-shluaigh 401,270 (2009)
Dlùths 1,923.36/km²
Àireamh fòn 34 971
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile meadhanach faisg air Magaluf air eilean thall air an àirde an ear na Spàinne a th’ ann am Palma de Mallorca no dìreach Palma (IPA: Catalanaisː palmə, Spàinntisː palma). Tha e suidhichte aig 3m os cionn ìre na mara,[1] 540km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 206km bho Bharcelona.[2] Tha 401,270 duine a’ fuireach ann am Palma de Mallorca.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na nan Eilean Balèarach a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à Palma ann an Laideann a tha an t-ainm. Tha cuid dhen bheachd gu bheil Palma a' ciallachadh Pailm na Buaidh, ach cha do ghabh sin a dhearbhadh fhathast. Chailleadh an t-ainm nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Arabach is iadsan a' cleachdadh ميورقة (Madinah Miurgah, Gàidhligː Baile Mhallorca). Chanadh Ciutat de Mallorca ris fad linntean mus an tug an t-seann ainm air ais ann an Laideann. Anns an eilean cha chanar ach Palma ris, an àite Palma de Mallorca.

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 123 ro Ìosa Crìosd le Quintus Caecilius Metellus Balearicus,[4] nuair a bha An Spàinn agus Am Muir Meadhan-thìreach fo bhuaidh nan Ròmanach. Thug na h-Arabaich seilbh air Palma ann an 903. Cha do chuireadh ainm a’ bhaile as motha air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[5] Thuit am baile agus Mallorca air fad dha na reubaltaich Faisisteach an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936, air sàilleabh gur robh na Feachdan Armachd sa phort gu math làidir.[6] A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ionnsaigh a thoirt air an àite. Bha iomairt uabhasach cosgail ach dh'fhàilnig i. Landaich saighdearan às an Spàinn air an eilean air 16 an Lùnastal 1936. Thachair batal mòr fuilteach gu ruige 28 am Màrt 1937.[7] Chaidh ionnsaighean bòma a thoirt air Palma fhèin cuideachd. Cha do chuir feachdan an Riaghaltais ruaig idir air na Faisistich agus bha am port gu math cudromach sa chogadh, a' cur bacadh air na dheànadh an Riaghaltas san sgìre. Thàinig an iomairt gu crìoch air 4 an t-Sultain 1936.

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach agus an Gearran na mìosan as fhuaire ann am Palma de Mallorca.[8] Cha tuit ach 449mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 724mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[9] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' annː

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Cau M.A., Chávez Mª. E., El fenómeno urbano en Mallorca en época romana: los ejemplos de Pollentia y Palma, Mayurqa, Toledo
  5. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  6. Fideus
  7. Massot i Muntaner J., Aspectes de la guerra civil a les Illes Balears, Biblioteca Serra d'Or, 2002, ISBN 84-8412-397-5
  8. Aemet
  9. Met Office
  10. RGRE

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]