Jump to content

Pabaigh

O Uicipeid
Pabaigh
Bocsa litrichean ann am Pabaidh, air culaibh tha an t-Eilean Sgitheanach ri fhaicinn
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre A' Ghàidhealtachd
Innis-mhuir {{{INNIS_MHUIR}}}
Co-chomharran 57.275º T
5.859º I
Comharradh-clèithe NG674721
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1.22 km²
Àireamh-shluaigh 0 (2011)
Dlùths 0/km²

'S e eilean anns na h-Eileanan a-staigh a tha ann am Pabaigh, (Beurla: Pabay, Sean-Lochlannais: Papey).

Thàinig ainm an eilein bhon fhacal papar a-rèir an fhacail Gaeilge: pap (a’ ciallachadh pàp). Bha manaich à Eirinn a’ fuireach an-seo mus an d'ràinig na Lochlannaich.

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Pabaidh suidhichte faisg air an t-Eilean Sgitheanach anns an Caolas Phabaigh. Tha an t-eailean mu cheithir cilemeatair san àird an earra-thuath an Àth Leathainn. San àird a thuath Phabaidh tha an t-eilean Longaigh agus san àird an iar tha Sgalpaigh.

Tha Pabaidh cho mòr ri 1.22 cilemeatair cèarnach. Tha an t-eilean gu bhith cruinn. Chan eil e a’ choimhead mar na h-eileanan eile timcheall air, tha e gu math rèidh le cuid creagan anns an chladach san taobh tuath is san taobh an ear. Chan eil àite as àirde na 28 meatairean. Ma bhios a’ mhuir falamh bidh na sgeirean tioram. [1]

Tha Pabay à aol-clach, measgaichte le sgleat, ris an canar Pabba shale sa Bheurla. Chaidh an clach a chruthachadh aig àm Diùrasach mar grùid, agus dh’eirich i tro spreadhadh bholcananch 60 millean bliadhna air ais. Tha na dìgean (Dykes sa Bheurla) glè chruaidh, tha iad a’ dìonadh an eilein an aghaidh bhleith-talmhainn.

Tha seann eaglais briste às an 13mh linn ri faicinn ann am Pabaidh. Anns an 16mh linn bha na spùinneadairean-mara a' cleachdadh an eilein (agus Longaigh cuideachd) mar taigh- falaich.[2] Fad an 19mh linn bha daoine a’ fuireach ann am Pabay.

An-diugh chan eil duine sam bith a’ fuireach air an eilean fad na bliadhna, ach s’urrainnear a dhol ann le bàta neo heileacoptair. San àird a deas na h-eilein tha tuathanas ann agus togalaichean eile airson sprèidh, far an urrainnear fuireach.

Bidh Pabaidh a’ foillseachadh stampaichean. Mar sin tha bocsa litreachan air an eilean airson na litreachean a chur ann.

Tha an talamh còmhdaichte le fraoch, feur agus craobhan beaga. Bithear a’ feuchainn craobhan eile a fhàs. [3]

Fiosrachadh eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Th a trì eileannan beaga anns na h-Eileanan Siar aig a bheil an t-ainm "Paabay". Cluinnear an t-ainm "Papa" gu math tric ann an Arcaibh agus ann an Sealtainn cuideachd. Tha a h-uile ainm ceangailte leis an ainm „papar“

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. https://web.archive.org/web/20080918194107/http://www.pabay.org/pa_hist.html a' tarraing 23 an Dùbhlachd 2008
  2. http://www.cindyvallar.com/scottish.html a' tarraing 23 an Dùbhlachd 2008
  3. https://web.archive.org/web/20080918194107/http://www.pabay.org/pa_hist.html a' tarraing air 23.12.2008