Mirow
Mirow
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Mecklenburgische Seenplatte | ||||
Sgìre | Mecklenburg-Vorpommern | ||||
Co-chomharran | 53° 17' 00' Tuath 12° 49' 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 156.37 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 3,453 (2013) | ||||
Dlùths | 22.08/km² | ||||
Àireamh fòn | 039829 agus 039833 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile beag air an àirde an ear-thuath na Gearmailt a th’ ann am Mirow (IPA: miːʁoː). 'S ann à mir (sìth) ann an Slàbhais agus villa (àite) ann an Laideann a tha an t-ainm.
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1226 nuair a thogadh gearastan an seo. Bhuineadh am baile gu Diùcachd Mhecklenburg-Güstrow eadar 1480 agus 1701 agus an uair sin gu Diùcachd Mhecklenburg-Strelitz gu ruige 1815, nuair dh'atharraicheadh an stait gu Àrd Dhiùcachd Mhecklenburg-Strelitz. Chaidh Lùchairt ann an stoidhl Baròc a thogail an seo ann an 1760.
Tha e suidhichte aig 64m os cionn ìre na mara ri taobh Loch Mirow, anns an stàit Mecklenburg-Vorpommern, 101km air falbh bho Rostock, 93km bho Bherlin agus 190km bho Hamburg.[1] ‘S ann leis an sgìre Landkreis Mecklenburgische Seenplatte a tha am baile/an sgìre agus tha 4,453 duine a' fuireach ann.[2]