Lesya Ukrainka
Lesya Ukrainka | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Лариса Петрівна Косач |
Breith | Novohrad-Volynskyi, 13 dhen Ghearran 1871 (Julian) |
Dùthaich | An Ucràin |
Bàs | Surami (en) , 1 dhen Lùnastal 1913 |
Àite-adhlacaidh | Baikove Cemetery (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Pott disease (en) ) |
Teaghlach | |
Athair | Petro Kosach |
Màthair | Olena Pchilka |
Cèile | Klyment Kvitka (en) |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain |
Fraingis Ucràinis Ruisis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, eadar-theangair, sgrìobhadair agus sgrìobhaiche-dràma |
Obraichean comharraichte | The Forest Song (en) |
Far-ainmean | Леся Українка |
Gnè ealain | verse drama (en) |
IMDb | nm0880342 |
B' e neach-iomairt feimineach, bàrd agus sgrìobhadair às An Ucràin a bh' ann an Lesya Ukrainka (Ucràinis: Леся Українка, Fìor ainm: Larysa Petrivna Kosach, Novohrad-Volynskyi, 25 an Gearran 1871, Surami, 19 an t-Iuchar, 1913). Bhuinneadh i do theaghach uachdaran: bha a màthair na bàrd is na foillseachair agus bha a h-athair na neach-lagha agus na chomhairliche.[1] A bharrachd air Ucràinis bha Beurla, Bulgàiris, Eadailtis, Fraingis, Gearmailtis, Greugais, Laideann, Ruisis agus Pòlais aice. Thug Taras Shevchenko agus Ivan Franko buaidh uabhasach fhèin làidir oirrese.[2] Dh' fhoillsich i a' chiad phìosa bhàrdachd aice san iris Zorya ann an Lviv, nuair a bha i dìreach 13 bliadhna a dh' aois. B' fheudar dhi a cuid obrach fhoillseachadh thall thairis leis gu robh e mì-laghail sgrìobhadh neo fhoillseachadh ann an Ucràinis. Bha Ukrainka gu tur an aghaidh na Ruise agus monarcachd a, o chionns' gu robh i a' gabhail ri Marxachas. Chuir i Ucràinis air a' Mhanifesto Chomannach.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Horst Röhling: Lesja Ukrajinka und ihre Übersetzungen aus slavischen Literaturen, Zeitschrift für Slavische Philologie 36, Nr. 1 (1971).
- ↑ Украинка Леся, Большая советская энциклопедия, А. М. Прохоров, М. : Советская энциклопедия, 1969 — 1978.
- ↑ Florian Nieuważny, Fenomen Łesi Ukrainki, Łesia Ukrainka, Pieśń lasu, Państwowy Instytut Wydawniczy, Warszawa, 1989, ISBN 83-06-01787-0.