Lebkuchen
'S e briosgaidean sònraichte a tha ann an Lebkuchen. 'S e seòrsa de dh'aran-cridhe a th' annta a tha gu math cumanta aig àm na Nollaige.
Chaidh a' chiad Lebkuchen a chruthachadh le manaich anns na Meadhan-Aoisean ann am Franconia, a' Ghearmailt, anns an 13mh linn. Nochd tùsan mu Lebkuchen ann an Ulm ann an 1296 agus ann an Nürnberg (Nuremberg) ann an 1395. [1]
An t-ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eilear cinnteach cò às a thàinig an t-ainm Lebkuchen. Canaidh cuid gun tàinig e bhon fhacal Laideann: libum a tha a' ciallachadh 'aran rèidh', ach canaidh feadhainn eile gun tàinig e bhon fhacal Ghearmanach Laib (buileann arain). [2][3] A rèir beul-aithris tha an t-ainm ceangailte ri Leben (facal Gearmailteach airson beatha), Leib (bodhaig) no Leibspeise (roghainn bìdh).
Air taobh an ear na Gearmailt tha an t-ainm Pfefferkuchen (cèic piobair) nas cumanta. Nochd an t-ainm seo anns na Meadhan Aoisean nuair a chleachdadh am facal piobar airson a h-uile spìosrach às na dùthchannan meadhan-earach Àisia. Tha an t-ainm seo ceangailte ris na spìosraidh sònraichte a th’ annta.
Uaireannan canar Honigkuchen (cèic meala) ris cuideachd, ainm a tha a' toirt fianais mun chungaidh as cudromaiche.
Na cungaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Anns na sgìrean eadar-dhealaichte chithear diofar anns na dòighean bèicearachd agus anns na cungaidhean a th' annta a rèir nan tradaiseanan ionadail.
Mar is trice 's e mil aon de na cungaidhean as cudromaiche airson blàs milis fhaighinn agus cleachdar caineal, clo-mheas, ainis, rud beag càrdamon, lus a' choire, dinnsear, piobar geal agus cnò-mheannt mar spìosrach. Chan eilear a' cleachdadh mòran min agus tha seòrsaichean ann (m.e.: Nürnberger Lebkuchen) gun min. Cha tèid beirm a' cleachdadh idir, cuirear potais no Salt of Hartshorn na h-àite.
Uaireannan cuirear almon, cnòthan is measan tiormaichte riutha agus thèid an sgeadachadh le seòclaid.
Seo eisimpleir mu na cungaidhean sònraichte a tha ann an Honigkuchen (cèic meala):
- feumaidh barrachd na 50% mil a bhith annta
- spìosrach:
Mar is trice tha Lebkuchen caran bog, ach tha seòrsa eile ann a tha nas cruaidhe. Cleachdar e airson 'cridhe' a dhèanamh le ainmean orra à siùcar, no airson taighean beaga a thogail a tha ceangailte ris an sgeulachd Hansel and Gretel.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Biadh Gearmailteach
- ↑ Wolfgang Pfeifer: Etymologisches Wörterbuch des Deutschen. München 1995, td. 777.
- ↑ Kulinarisches Erbe der Schweiz: Berner Haselnusslebkuchen