Là Luain
'S e còmhlan-ciùil puinc às an Eilean Sgitheanach a th' ann an Là Luain. Thòisich an còmhlan ann an 2005 le Kathryn NicAoidh air na drumaichean, Greg MacThòmais air a' bheus agus Tim Armstrong air a' ghiotàr. Chaidh Kathryn trom le leanabh agus ghabh a piuthar, Nicola, ris na drumaichean, ach goirid às dèidh sin, phòs Greg agus Nicola agus dh'fhàg iadsan an còmhlan cuideachd. Thòisich Tim a-rithist le Raonaid Alcorn, à Èirinn, air na drumaichean agus Tòmaidh MacAlpain air a' bheus, agus mhair an sgioba sin gus an latha an-diugh.
Cluichidh iad punc ceòlmhor, uile ann an Gàidhlig. Chluich iad a' chiad chuirm-chiùil aca aig Àrdsgoil a' Phluic, tràth ann an 2007. Rinn iad pìos air Rapal T.Bh, air BBC2 agus anns a' Mhàrt, 2007, chaidh iad air turas ròc, Gàidhlig tro Alba agus Èirinn, còmhla ri Oi Polloi agus còmhlan teacno, Gaeilge, Grà Grànna, a ghabh a-steach 13 bailtean agus 14 cuirmean-ciùil uile gu lèir fad dà sheachdain.
Ceangal a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Leirmheas air cuirm aig an 13th Note ann an Glaschu