Klaipėda
Klaipėda
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Liotuàinia | ||||
Ceàrn | Klaipėdos rajono | ||||
Sgìre | Klaipėdos apskritis | ||||
Co-chomharran | 55° 42 00' Tuath 21° 08 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 110 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 161,300 (2012) | ||||
Dlùths | 1,466.36/km² | ||||
Àireamh fòn | ( 370) 046 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus port[1] cudromach faisg air Palanga, air an àirde an iar Liotuàinia a th' ann an Klaipėda (IPA: kɫɐɪˑpʲeːd̪ɐ, Gearmailtis: Memel, Laideann: Memela). Tha e suidhichte air caolas far a sruthas an Abhainn Danė dhan Bhaltach, 3m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn Klaipėdos Rajono, 290km air falbh bho Vilnius (prìomh-bhaile na dùthcha), 202km bho Phanevėžys, 198km bho Kaunas agus 139km bho Šiauliai.[3] Chaidh Klaipėda a chlàradh ann an 1252 agus fhuair e còirichean mar bhaile ann an 1254. Cha do chlàradh an t-ainm ann an Liotuànais gu ruige 1413 nuair a sgrìobh an Righ Vytautas Didysis mu dheidhinn àite air an robh Caloypede. Tha 161,300 duine a' fuireach ann.[4] 'S e an treas baile as motha na dùthcha a th'ann cuideachd.[5]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Cherepovec
- Cleveland
- Debrecen
- Gdynia
- Kaliningrad
- Karlskrona
- Kotka
- Køge
- Kuji
- Leipzig
- Liepāja
- Lübeck
- Mannheim
- Mogilev
- North Tyneside
- Odesa
- Qingdao
- Rügen
- Szczecin