Jump to content

Julio César Turbay Ayala

O Uicipeid
Julio César Turbay Ayala
ambassador of Colombia to Italy (en) Translate


ambassador of Colombia to the United States (en) Translate


president of the Senate of Colombia (en) Translate

1969 - 1970
president of the Senate of Colombia (en) Translate

1974 - 1975
Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1978 - 7 dhen Lùnastal 1982
Alfonso López Michelsen - Belisario Betancur Cuartas
Beatha
Breith Bogotá, 18 dhen Ògmhios 1916
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 13 dhen t-Sultain 2005
Àite-adhlacaidh Jardines de Paz (en) Translate
Teaghlach
Cèile Nydia Quintero Turbay (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Chauca
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-lagha, eaconamaiche agus neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B' e neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia bh’ ann an Julio César Turbay Ayala (Bogotá, 18 an t-Ògmhios 1916, ibidem, 13 an t-Sultain, 2005).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1978 agus 7 an Lùnastal 1982. Bhuineadh Turbay do theaghlach in-imrich: b' ann à Leabanon a bha athair, ged a rugadh a mhàthair ann an Coloimbia. Cha deach e idir dhan oilthigh, ged a fhuair e dotaireachd honoris causa à Oilthigh an Rosario. Phòs e aig nighean a pheathar, Nydia Quintero Turbay à Neiva ann an 1948 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] Dhealaich iad ann an 1983. Phòs e a-rithist ann an 1987, an turas seo aig Amparo Canal Sandoval. Chaidh a nighean, Diand Turbay, a mharbhadh le Pablo Escobar.[3]

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann Turbay agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an 1938 ann an Engativá,[4] air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air Alfonso López Pumarejo. B' e deachdaireachd an Airm a thug piseach airsan ann an saoghal poileataigeach na dùthcha. Bha e na mhinistear nam Mèinn agus a' Pheatrail eadar 1957 agus 1958 fo Gabriel París: na mhinistear nan Dùthchannan Cèin eadar 1958 agus 1961 fo Carlos Lleras Camargo. A bharrachd air sin, b' e riochdair dioplòmasach a bh' ann cuideachd: bha e na thosgaire thall thairis ann am Breatainn (1973 - 1975),  anns Na Stàitean Aonaichte (1975 - 1976), ann an Cathair na Bhatacain (1987 - 1989) agus anns An Eadailt (1991 - 1993). Chaidh a thaghadh na cheann-suidhe agus, a rèir an lagha aig an àm, chan d’ fhuair e ach teirm san dreuchd. Bha e gu math connspaideach agus dh’fhàgadh airsan gu robh e lag a thaobh FARC.[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Banrepcultural
  2. El Espectador
  3. El Tiempo
  4. Presidencia de Colombia
  5. Insight on Conflict