Jocelyn Bell Burnell
Coltas
'S e reul-eòlaiche, reul-fhiosaigiche agus fiosaigiche à Èirinn a tha ann an Jocelyn Bell Burnell. Tha i ainmeil airson a taisgealadh, còmhla ri Antony Hewish, de phulsaran. Rugadh i anns an Lorgain agus bha i na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Sgrìobh i an tràchdas aige, air 'The measurement of radio source diameters using a diffraction method',[1] aig Oilthigh Chambridge far an do lorg i siognail riaghailteach. Dh'ainmicheadh an tùs "LGM-1" (airson 'Little Green Man') ach b' e reul niutronach a bha anns an tùs. Bhuannaich Hewish an Duais Nobel airson an taisgealaidh seo. Chaidh i na ollamh aig an Oilthigh Fosgailte ann an 1991.[2] Chaidh i na ceann-suidhe Comann Rìoghail Dùn Èideann ann an 2016.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “The measurement of radio source diameters using a diffraction method”. British Library EThOS. Air a thogail 10mh dhen Dàmhair 2016.
- ↑ “CWP at physics.UCLA.edu // Jocelyn Bell Burnell”. Oilthigh Chalafòrnia aig Los Angeles. Air a thogail 10mh dhen Dàmhair 2016.
- ↑ “Council”. Comann Rìoghail Dùn Èideann. Air a thogail 10mh dhen Dàmhair 2016.