Jump to content

Holodomor

O Uicipeid
Recognition of the Holodomor as a genocide:

██ Officially recognized as an act of genocide

██ Officially condemned as an act of extermination

██ Officially not recognized as an act of genocide

B' e Gort Mòr san Ucràin fon Aonadh Sobhiatach a mhair bho 1932 gu ruige 1933 a chuir às do còrr is trì muillean daoine a bh' ann an Holodomor air neo Gort na h-Ucràine (Ucràinis: Голодомо́р, IPA: ɦolodoˈmɔr; on ghnìomhair морити голодом, Gàidhlig: a chur gu bàs leis an acras). Bha an Holodomor na phàirt de ghort eile air feadh an Aonaidh Shobhiataich a thug buaidh uabhasach fhèin làidir air na roinnean far an robh cruithneachd ga chinntinn.[1]

Ged a tha gach uile neach-rannsachaidh air an aon ràmh agus iad dhen bheachd gur e tubaist a rinn na daoine a bh' anns an Holodomor, tha connspaid ann fhathast a thaobh an robh e sgrios-cinnidh a bh' ann. Air an dàrna làimh, thuirteadh gur e gort a chaidh a phlannadh agus a chur air bhog le Iosif Stalin gus an iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine a mhùchadh.[2] Ach, air an làimh eile, thathar ag ràdh gun do thachairt an Holodomor air sgàth gnìomhasachaidh agus co-shealbhadh san Aonadh Sobhiatach aig an àm. B’ e an Ucràin an t-àite far an robhar a’ dèanamh an uiread chruithneachd na bu mhò san Aonadh Sobhiatach agus air sgàth sin thug an Holodomor buaidh na bu làidire air an Ucràin, an taca ri stàitean eile san dùthaich.[3] Bhàsaicheadh co-dhiù 28,000 duine gach latha ri linn an Holodomor.[4]

Bho 2023, tha 27 dùthaich air an Holodomor aithneachadh mar sgrios-cinnidh an aghaidh nan Ucràineach a rinn riaghaltas an Aonaidh Shobhiataich. 'S e th' ann Astràilia, A' Chairtbheil, Canada, Coloimbia, Eacuador, Eastòinia, An Laitbhe, Liotuàinia, Meagsago, Paraguaidh, Pearu, A' Phòlainn, An t-Seic, Na Stàitean Aonaichte, An Ungair agus An Ucràin fhèin a tha ga aithneachadh mar sgrios-cinnidh co-dhiù.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. HREC
  2. Holodomor Museum
  3. BBC
  4. Holodomor Research Library