Cultar
Tha cultar cudromach do dhaoine ach tha mòran mìneachaidhean tar-iadhach ann. Tha fear ag innse gur e co-theacsa airson ar beathaichean agus dòigh beatha a th' ann. Tha fear eile ag innse gun tèid cultaran a chruthachadh tro fhèin-fhiosrachaidhean a tha coitcheanta am measg nam ball. A-rèir luchd-teòirigeachaidh eile, 's e conaltradh a tha ann, agus tha teòirig agus brìgh chumanta gu bheil cultar a' ciallachadh rudeigin mar dhearbh-aithne, mar eisimpleir ann an Èirinn a Tuath.[1]
Freumhan an fhacail
[deasaich | deasaich an tùs]'S e facal-iasaid meadhanach nuadh a tha ann. Cha do nochd e ann an Gairm, mar eisimpleir, no tùs eile ann an DASG ro 1986.[2] Ged a nochd am facal cultura anns an t-seagh seo ann an obair Cicero, chan fhaicteadh culture a' ciallachadh seo gu tric ron 19mh linn.[3]
Faclan-luirg
[deasaich | deasaich an tùs]Sgrìobh Raymond Williams às a' Chuimrigh mu dhèidhinn cultair, agus Keywords ('faclan-luirg') an obair dha as ainmeile. Seo cruinneachadh aistean mu 110 faclan-luirg aig a bheil mòran brìghean agus ciallachaidhean a tha tar-iadhach, coileantach agus co-àicheil.[4] Mar sin, tha e doirbh na faclan-luirg seo eadar-theangachadh. Seo liosta far a bheil na h-eadar-theangachaidhean toinnte, tar-iadhach agus co-àicheil ann an dòighean eile anns a' Ghàidhlig na tha iad anns a' Bheurla. Gu tric chan eil eadar-theangachadh anns a' bheil dà-sheaghachdan a tha coltach ris na dà-sheaghachdan Beurla.[5]
- Eastaidaigeach, eileachadh, anarcachd, daonn-eòlas, ealan, giùlan, bùirdeas, biurocrasaidh no oifigealachd, calpachas, cùrsa no cùrsa-beatha no cùrsa-obrach, carthannas, "city", sìobhaltas, clas, "collective", malairteachas, "common", conaltradh, comannachd, coimhearsnachd, co-aonta, caitheadair, gnàthach, dùthcha, cruthachail, deamocrasaidh, dearbh, leasachadh ("development" agus "improvement"), dual-chainnt, "dialectic", "doctrinaire", eag-eòlas, foghlamaichte, "elite", eimpireach, co-ionannachd, bitheil, fèin-fhiosrachadh, eòlaiche, dubh-shaothrachadh no brath, teaghlach, ficsean, "folk", foirmeileach, ginealach, gintinneach, sàr-ghin, "hegemony", eachdraidh, daonnachd, "idealism", ideòlas, ìomhaigh, ìmpireileas, "individual", gnìomhachas, "institution", àrd-chiallach no innleachdail, "interest", "isms", sgleò-chainnt, saothair, libearal, saoradh, litreachas, duine, stiùireadh no manaidsearachd, "the masses", adhbharachas, meacanaigeach, na meadhanan, eadar-mheadhanachadh, meadhan-aoiseil, nuadh, lèir-shealbhachd, miotas, nàiseantach, tùsanach, nàdarrachas, nàdar, cumanta no àbhaisteach, fàs-bheartach, "originality", "peasant", pearsa, feallsanachd, "popular", posataibheach, pragmataig, prìobhaideach, adhartach, inntinn-eòlach, cinneadh, radaigeach, reusanta no raiseanail, ais-cheumnach, fìorachas, ath-leasachadh, roinneil, riochdaire no riochdachail, aramach, romansach, saidheans, mothachadh, gnè, sòisealach, comann, sòiseo-eòlas, "standards", inbhe, structarail, "subjective", blas, teicneòlas, teòiridh, traidisean, "unconscious", fo-shochairichte, cion-cosnaidh, "utilitarian", ainneart, beartas, sochair, an Iar, obair
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Lenard, Patti Tamara: “"Culture"”. The Stanford Encyclopedia of Philosophy (Winter 2020 Edition), Edward N. Zalta (ed.). Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2023.
- ↑ “Corpas na Gàidhlig”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG). Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2023.
- ↑ Harper, Douglas: “culture (n.)”. Online Etymology Dictionary. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2023.
- ↑ “What is a 'keyword'”. Keywords. Oilthigh Phittsburgh agus Colaiste Ìosa, Cambridge. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2023.
- ↑ “Comparison of entries in Keywords (1976), second edition of Keywords (1983) and Bennett, Grossberg & Morris, New Keywords (2005)”. Keywords. Oilthigh Phittsburgh agus Colaiste Ìosa, Cambridge. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2023 (pdf).