Jump to content

Cora Droma Rúisc

O Uicipeid
Cora Droma Rúisc
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Ceàrn Còigeamh Chonnacht
Sgìre Contae Liatroma
Co-chomharran 53° 57 00' Tuath
08° 00 06' Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 3,980 (2011)
Àireamh fòn ( 353) 71
Duilleag oifigeil Comhairle Chora Droma Rúisc

'S e baile beag ann an ceann a deas Contae Liatroma, Còigeamh Chonnacht, Èirinn a th'ann an Cora Droma Rúisc.[1] Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Sionainn, 318km air falbh bho Chorcaigh, 111km bho Ghaillimh agus 153km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 3,980 duine a’ fuireach anns a’bhaile fhèin agus 4,101 mu thimcheall air an dùthaich.[3] 'S e am prìomh-àite as lugha na dùthcha a th' ann cuideachd.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e gu math coltach gur ann à trì facail ann an Gaeilge a tha an t-ainm: cora (caradh), droim (druim) agus rúisc (boglach). Tha cruth na tìre a' gabhail ri seo cuideachd. Bheireadh sin Caradh Droma na Boglaiche dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à rùisgeach a tha e.

Thug A' Ghort Mhòr buaidh uabhasach làidir air Cora Droma Rúisc agus chaochail mòran fad na bliadhnaichean dona ud. Tha cladha na gorta fhathast sa bhaile. Thàining an Rathad-iarainn ann an 1862, a thug piseach air gnìomhachas san sgìre.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Logainm
  2. Global Feed
  3. CSOI