Cogadh na Mìle Làithean
Cogadh na Mìle Làithean | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
Saighdearan Tòraidheach | |||||||||||
| |||||||||||
Luchd-cogaidh | |||||||||||
Na Tòraidhean: Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia Riaghaltas na Dùthcha |
Na Libearalaich: Pàrtaidh Libearalach Choloimbia | ||||||||||
Cinn-fheachda | |||||||||||
Próspero Pinzón, Ramón González Valencia, Pedro Nel Ospina Vásquez, Carlos Albán | Rafael Uribe Uribe, Benjamín Herrera, Belisario Porras Barahonda, Victoriano Lorenzo | ||||||||||
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall | |||||||||||
Chaill 100,000 am beatha |
Cogadh na Mìle làithean (1899 - 1902): Cogadh sìobhalta ann an Coloimbia[1] a thug fìor dhroch bhuaidh air an dùthaich aig toiseach an 20mh linn.[2][3]
'S e pàirt fa-leth cudromach dhan nobhail "Cien años de Soledad " (Ceud Bliadhna dhe Uaigneas) le Gabriel García Márquez a th' ann an Cogadh na Mìle làithean. Tha an Còrnailear Aureliano Buendía, prìomh charactar an leabhair, an sàs anns a' chogadh sin. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais (Spàinntis: Departamento del Istmo), ris an canar Panama an latha an-diugh, agus An Canal na luib.
‘S e cogadh sìobhalta a rinn droch sgrios air Coloimbia agus Panama (roinn am broinn Choloimbia aig an àm), eadar 1899 agus 1902 a bh’ann Cogadh na Mìle Làithean. Mar thoradh a’ chogaidh sin, rinn an Riaghaltas Tòraidheach a’ chùis air a chuid nàmhaidean Libearalach ach chaill an dùthaich Panama ann an 1903. Shabaid buill a’ Phàirtidh Libearalach an aghaidh an Riaghaltais a bha fo bhuaidh buidheann a’ Phàirtidh Thòraidh air an robh A’ Bhuidheann Nàiseanta, agus iad fo stiùireadh an ceann-suidhe Manuel Antonio Sanclemente fad ùine ghoirid. Dh’ èirich na Libearalaich an aghaidh atharrachaidhean làidir obann bhon Bun-Reachd dhe 1863 (a chaidh a sgrìobhadh ann an reachdas nuair a bha Rafael Núñez os cionn an Riaghaltais, is a chuir siostam feadarail air bhog), gu siostam meadhanach na àite (Bhun-Reachd dhe 1886). A bharrachd air sin, dh’ fhulang na Libearalaich ionnsaighean ainneartach bho na Tòraidhean, is le sin dh’fheuch iad ri smachd a chur air an Riaghaltas.
Thoisich an cogaidh an dèidh dhan cheann-suidhe Sanclemente an dreuchd a leigeil air adhbharan slàinte is fhuair an leas ceann-suidhe Marroquín an dreuchd na àite. Nuair a ghabh Marroquin, a bha na bu fhaisge air na Tòraidhean traidiseanta na a’ Bhuidheann Nàiseanta, an dreuchd os làimhe nochd còmhstri airson an cumhachd. Las sin teine a’ chogaidh nuair a rinn buidheann dhe Libearalaich, le droch eagrachadh, ionnsaigh air Bucaramanga, rud a dh’ adhbharaich freagairt làidir bho Riaghaltas na dùthcha. Bha suidheachadh nan Tòraidh buileach na bu fheàrr na dha na Libearalaich, is b’ urrainn dhaibh structar na stàite, conaltraidhean ùra agus Arm proifeasanta le deagh eagrachaidh is tòrr airgid a chleachdadh gu math. Bha e glè dhoirbh dha na Libearalach feachdan proifeasanta a chuir air dòigh ach anns na roinnean dhe Santander agus Panama, far am b’ urrainn dhaibh an iomairt aca a chumail a ‘ dol.
Freumhan a’ Chogaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Nochd corra draghan eadar na Tòraidhean agus na Libearalaich ann an Coloimbia rè na 19mh linne. Dh’adhbharaich na draghan sin cogaidhean air feadh na dùthcha, leis gu robh siostam nam pàrtaidh a’ fàs na bu treasa. Gheuraich am Bun-Reachd dhe Rionegro, ris na riaghaltasan feadarail a chruthaich e, eadar-dhealachaidhean seadh eadar an dà phàrtaidh, seadh eadar na roinnean. Mar eisimpleir: bha feachdan armachd na bu mhotha aig na stàitean na a bha aig Riaghaltas na dùthcha fhèin gu tric. Chaidh Bun-Reachd dhe 1886 a sgrìobhadh nuair a bha còmhstri sòisealta agus cogaidhean sìobhalta a’ sgiùrsadh na dùthcha airson stàit meadhanach làidir chruthachadh, gu math eadar-dhealaichte bhon a’ Bhun-reachd roimh làimhe. Chaidh am Bun-Reachd dhe 1863 a chur às anns a’ bhliadhna sin (a bha làn ana-cuimse an t-siostaim fheadarail rè amannan nan Raidigeach) is le sin nochd a’ chiad fhios gum biodh cogadh ann. A bharrachd air sin, chaill prìsean eadar-nàiseanta a' chofaidh, air an robh eaconomaidh na dùthcha gu math crochte. Le sin, dh'fhàs suidheachadh na dùthcha na bu mhiosa agus chaill Coloimbia a cho-chuideam poiliteagach.[4]
Blàran dhe Peralonso agus Palonegro
[deasaich | deasaich an tùs]Fhuair na Libearalaich a’ chiad mhì-bhuaidh aca dìreach corra latha an dèidh dhan chogadh a thòiseachadh aig Blàr nan Easbaig, ri taobh na h-aibhne Mhagdalena air an 24mh dhen Dàmhair 1899. Ach bha draghan uabhasach doirbh aig na Tòraidhean cuideachd. Bha iad gan sgaradh eadar dà bhuidheann: na daoine Eachdraidheil agus na Nàiseantaich is iad a’ feuchainn ri draghan na dùthcha a cheartachadh. Chuir na daoine eachdraidheil an ceann-suidhe Sanclemente às an dreuchd aige, is chuir iad José Manuel Marroquín na àite. A tuilleadh air sin, dh’ainmich na Libearalaich Gabriel Vargas Santos na cheann-suidhe, airson suidheachadh ceannardan bun-reachdail nan Tòraidh a lagachadh.
Beag air bheag, dh’ fhàsadh an cogadh na bu smachdaile agus na bu buirb, leis na sìobhaltaich gan sgaradh eadar an dà bhuidheann ann an dòigh uabhasach eudmhorach, agus gach pàrtaidh a’ dèanamh a dhìcheall airson buaidhean fhaighinn, nach robh ach meallach. Gun teagamh, ‘s e na blàran aig Peralonso agus Palonegro ann an Santander a shealltainn dhan dùthaich an droch sgrios is milleadh a nì na cogaidhean. A’ chiad turas, fhuair na Libearalaich am buaidh mu dheireadh le Rafael Uribe Uribe. Chuir na Tòraidhean sguir air an cuid nàmhaidean aig Palonegro air an 25 latha dhen Chèitean 1900 gan bleitheadh beag air bheag. An uair sin chuairtich iad Cúcuta.
An dèidh Palonegro, cha dh'fhaodadh do Arm nan Libearalach an gnothach a dheànamh an aghaidh na Tòraidhean. Le sin , nochd iomadh guerrillas air feadh na dùthcha. Dheànadh iad ionnsaighean gun chead bho ceannardan nam Pàrtaidh, is bha iad cho eudmhorach. Thachair an aon rud ann an Coloimbia anns an darna leth dhen 20mh linn.[5]
Mu dheireadh thall
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh Phalonegro, ‘s e dìreach sabaid gun chiall is gun bhrìgh dha na pàrtaidhean a’ bh’anns a’ chogadh. Chumadh na Libearalaich a’ dol ged nach d’fhuair iad ach beagan taic bho na dùthchannan eile, is nochd sgaradh doirbh eadar na Sìochantairean agus na Cathaich am broinn a’ Phàirtidh fhèin. Thuig na Tòraidhean Nàiseantaich anns a’ bhad gum biodh e na bu fheàrr dhaibh sguir a chur air an gnothach, is teis-meadhan a’ chogaidh a-nis ann am Panama agus air oirthir a’ Chairibian.
Le sin, b’ fheudar dha Coloimbia cogadh eadar-nàiseanta a sheachnadh: dh’fheuch ceann-suidhe na Bheiniseala, Cipriano Castro, ri cogadh a thòiseachadh an aghaidh Choloimbia, is esan a’ toirt taic do Uribe Uribe airson ga chur os cionn an Riaghaltais. Chaidh aig feachdan Mharroquín air taic na Bheiniseala dha na Libearalach a ghearradh air am 29mh latha dhen Iuchar1901, leis gun do chuir an Seanalair Tòraidh Juan Tovar ruaig air na Libearalaich. B’ fheudar dha Uribe Uribe ga thoirt thairis, ach air chumha.
Còrdaidhean dhe Neerlandia agus Wisconsin
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh ainmean a chur gu còrdaidhean na Sìthe air an oighreachd Neerlandia air an 24mh latha dhen Dàmhair 1902, ged an do mhair an còmhstri gu ruige an t-Samhain ann am Panama. gu ruige deireadh a’ bhliadhna 1901 eadar dà shoitheach, an Almirante Padilla (Libearalach) agus Lautaro (às an t-Sìle ach fo smachd nan Tòraidh). Chaill na Tòraidh am blàr mara sin ri taobh oirthir a’ bhaile Panama air an 20mh latha dhen Fhaoilleach 1902. Le bàs Carlos Albán, a bha air bhòrd am Lautaro, cha robh riochdaire anns a’ Chaolais co-dhiù, is chaidh Arístides Arjona a dh’ainmeachadh na àite.
An uair sin thàinig bagairtean seasmhach bho Chabhlach na Stàitean Aonaichte, a chuir an Riaghaltais aig Theodore Roosevelt dhan sgìre gus gnothaichean teachdail na dùthcha sin air obraichean a’ Chanàil a dhìon. Le sin. b’ fheudar dha na Libearalaich fon Sheanalair Benjamín Herrera, an cuid armachd a leigeil sìos.
Chaidh còrdadh na Sìthe maireannach a rèiteachadh air bhòrd an soitheach Aimearaganach Wisconsin air an 21mh latha dhen Shamhain 1902. Bha an Seanalair Lucas Caballero Barrera, (na Cheannard Oifigearan Arm Aonaichte a’ Chauca agus Panama), còmhla ris a’ Chòrnaileir Eusebio A. Morales, (Ionmhasair oifis cogadh a’ Chauca agus Panama), is iad a’ riochdachadh an t-Seanalair Benjamín Herrera, an làthair airson a’ Phàirtidh Libearalach; airson a’ Phàirtidh Thòraidh bha an Seanalair Víctor Manuel Salazar, Riaghladair Roinn a’ Phanama, agus an Seanalair Alfredo Vázquez Cobo, Ceannardan Oifigearan an t-Airm Tòraidheach air Oirthir a’ Chairibian, a’ Chuain Sèimh agus Panama, is iad a’ riochdachadh an Riaghaltais. Chuir iad uile ainmean dhan Chòrdadh is chuir iad crìoch air a’ chogadh.
Toradh a’ Chogaidh
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh a’ chogaidh, bha Coloimbia millte gu tur anns gach uile dòigh: Dh’ fhàs staing an eaconamaidh an dèidh a’ chogaidh na bu mhiosa le sgaradh Phanama, air an 3mh latha dhen Shamhain 1903. Bha e uabhasach trom dhan dùthaich co-chuideam na Sìthe a chumail a’ dol rè mu 45 bliadhna, rud a rinn iad gu ruige am Bogotazo ann an 1948, Bha am frionas eadar an dà phàrtaidh às an ciall gu tur tro linntean an t-Ainneirt gu ruige 1958. An uair sin, chuir bhuidheann dà-phàirtidh ris an canar A’ Bhuidheann Nàiseanta smachd air suidheachadh na dùthcha ach thoisich na trioblaidean a tha air Coloimbia a sgiùrsadh fad an darna leth dhen 20mh linn agus toiseach an 21mh linn an a dhèidh. Thug na Panamaich gu ìre seann mhiannan na neo-eisimeileachd a bha aca, o chionns gun do dhiùlt an Còmhdhail ann an Coloimbia an còrdadh Herrán – Hay. Chuir iad neo-eisimeileachd na dùthcha aca an cèill air an 3mh latha dhen Shultain 1903, le taic armachd bho na Stàitean Aonaichte co-dhiù. Corra latha an dèidh sin, thug Riaghaltas agus Còmhdhail a’ Phanama smachd bith-bhuan air Sgìre a’ Chanail dha na Stàitean Aonaichte, tron chòrdadh Hay - Bunau – Varilla.
Air an darna taobh, rinn na Stàitean Aonaichte gnàthach air a cuid cheanglaichean eadar-riaghaltasan le Colombia, tron chòrdadh Thomson – Urrutia, ris an cuir iad ainm ann an Giblean 1914 nuair a bha Carlos E. Restrepo Restrepo os cionn an Riaghaltais. Ann an còrdadh sin, ghabh Coloimbia ri neo-eisimeileachd Phanama agus crìochan na dùthcha ùr sin. Air an taobh eile, gheall na Stàitean Aonaichte gum pàigheadh iad airgead dìolaidh dhe $25 muillean gu Coloimbia airson Panama a chall.
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ La Guía 2000
- ↑ Oilthigh Sabaneta[dead link]
- ↑ Kalipedia[dead link]
Cogadh na Neo-Eisimeileachd • Cogadh nan Àrdanach • Cogadh Sìobhalta dhe 1851 • Cogadh Sìobhalta dhe 1860 - 1862 • Cogadh Sìobhalta dhe 1876 - 1877 • Cogadh Sìobhalta dhe 1885 • Cogadh Sìobhalta dhe 1895 • Cogadh na Mìle Làithean • Còmhstri anns “La Pedrera” • Cogadh Pearu – Coloimbia • An Ainneart • Cogadh nan Guerrilla