Burundaidh
Republika y'u Burundi République du Burundi | |
---|---|
Bratach |
Lùireach |
Laoidh Nàiseanta | |
Burundi bwacu | |
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
"Ubumwe, Ibikorwa, Iterambere" (Cànan Kirundi) "Unité, Travail, Progrès"(Fraingis) | |
Cànan(an) oifigeil | Kirundi, Fraingis |
Prìomh-bhaile | Bujumbura |
Baile as motha | Bujumbura |
Riaghaltas | Poblachd |
Ceann-suidhe | Évariste Ndayishimiye |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon a' Bheilg |
1ad an t-Iuchar 1962 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 27,830 km² (145mh) |
Uisge | 7.8 % |
Àireamh-shluaigh (2005) | |
Iomlan | 7,548,000 (94mh) |
Dlùths | 271/km² (43mh) |
LTD/CCC (2003) | |
gach pearsa | $739 (163mh) |
Roinn tìde | CAT (UTC 2) |
Ruith-airgid | Burundi franc |
Prìomh àrainn-lìn | .bi |
Còd Àireamh fòn | 257 |
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Burundaidh[1]; ainmean eile: Buruindi [2] neo Burundi[3][4], ainm oifigeil: "Poblachd Bhurundaidh". Tha crìochan aice le Ruanda san taobh tuath, le Tansainìa san earra-dheas agus le Poblachd Dheamocrach na Congo san iar. Tha an Loch Tanganyika anns an iar na dùthcha. 'S e Bujumbura am prìomh-bhaile aice. Thàinig an t-ainm Burundaidh bhon chànan Bantu: Kirundi. Tha an dùthaich gu math iomallach agus chan eil mòran stòrais nàdarra aice. Mar sin dheth ‘s e aon de na dùthchannan as bochda air feadh an t-saoghail a-rèir Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa.
Taghaidhean 2020 is COVID-19
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuannaich Évariste Ndayishimiye na taghaidhean anns a' Chèitean 2020. Chaochail an ceann-suidhe Pierre Nkurunziza 8 an t-Ògmhios 2020 an dèidh greim-cridhe. Cha do chuir e lockdown air Burundaidh is dh'fhuad a riaghaltas às an dùthaich fìor-eòlaichean o Bhuidheann Slàinte na Cruinne. Bha fathannan ann gun do dh'fhulaing e le COVID-19 is a bhean air a dhol gu Kenya airson leigheasaidh.[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Burke, Jason: “Burundi president dies of illness suspected to be coronavirus”, The Guardian. 9mh dhen Ògmhios 2020. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2020.