Bheastraigh
Pàirt de | Arcaibh |
---|---|
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Sgìre riaghaltais ionadail | Arcaibh |
Siorrachd eachdraidheil | Arcaibh |
Faisg air an uisge | Cuan Siar |
Suidheachadh cruinn-eòlais | An Cuan a Tuath |
Domhan-leud is -fhad | 59°18′0″N 3°0′0″W |
'S e eilean ann an Arcaibh a tha ann am Bheastraigh[1] neo Ueastraigh[2] (Beurla: Westray; Lochlannais: vestr-øy[3], "eilean an iar"). Tha Bheastraigh cho mòr ri 47 km² agus mar sin 's e sin an siathamh eilean as motha anns na h-eileanan Arcaibh.
Cruth na tìre
[deasaich | deasaich an tùs]Tha seann chlach-ghainmhich dearg cumanta ann am Bheastraigh a tha còmhdaichte le ùir torraich. Tha talamh bochd le mòine gann air an eilean[3] 'S e Fitty Hill (169m; 554 troigh) a' bheinn as àirde ann am Bheastraigh, suidhichte ann an taobh an iar an eilean.[4] nas fhaide chun an iar-thuath, eadar Noup Head is Pierowall chithear North Hill (104m) agus Couters Hill (108m). Tha cruth na tire ann an iar is an iar-dheas Bheastraigh rèidh.
Eaconamaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 2011 bha 588 duine a' fuireach an seo.[5] 'S e Pierowall am baile as motha ann am Bheastraigh. 'S e iasgach, tuathanas-èisg, crodh na gnìomhairean as cudromaiche airson muinntir an eilean. Gheibhear teachd a-steach a bharrachd le turasachd.
Tha crann-gaoithe anns an eilean agus tha e a' maoineachadh an Urrais Leasachaidh Bheastraigh.[6] Chuireadh an t-Urras air bhonn ann an 1998.
Eile
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 2009 lorgadh dealbh nuadh-chreagach à clach-ghainmhich ann am Bheastraigh. Dh'ainmicheadh e The Westray Wife, no "A' Chailleach Bheastraigh."
Tha plèanaichean le motaran dealanach air a bhith ag iteal eadar Bheastraigh agus Papa Westray.[7]
Àireamh-shluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an clàr a leanas a' sealltainn ciamar a dh'atharraich àireamh muinntir an eilein tro na linntean.[3]
Bliadhna | Àireamh-shluaigh |
1841 | 1791 |
1881 | 2200 |
1891 | 2108 |
1911 | 1668 |
1931 | 1269 |
1961 | 872 |
1981 | 701 |
1991 | 704 |
2001 | 563 |
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ MacLeòid, Iain (1995): Atlas airson Alba. Acair Ltd. Steòrnabhagh ISBN 0861521501
- ↑ 3.0 3.1 3.2 Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 394-396; ISBN 9781847672773
- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 8 an Lùnastal 2015
- ↑ westray development trust
- ↑ “Scotland's first electric-powered aircraft begins Orkney test flights”, BBC News. 12mh dhen Lùnasdal 2021. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2023.
Le daoine | Mòr-thìr • Auskerry • Bheastraigh • Burray • Egilsay • Flotta • Gairsay • Graemsay • Holm of Grimbister • Hòigh • Iadaigh • Inner Holm • Papa Westray • Raghnallsaigh • Rinneansaigh • Romhsaigh • Sanndaigh • Siapansaigh • South Walls • Stronsaigh |
Gun dhaoine | Brough of Birsay • Calf of Flotta • Cava • Colbh Iadaigh • Copinsay • Corn Holm • Damsay • Eynhallow • Fara • Faray • Glims Holm • Helliar Holm • Holm of Faray • Holm of Huip • Holm of Papa • Holm of Scockness • Hunda • Kili Holm • Lamb Holm • Linga Holm • Muckle Green Holm • Muckle Skerry • Papa Stronsay • Pentland Skerries • Rusk Holm • Rysa Little • Sweyn Holm • Switha • Swona • Sùla-Stac • Sùlaisgeir • Wyre |