Banana
'S e meas a tha ann am banana air a bheil craiceann buidhe air. Tha iad a’ fàs sna dùthchannan teth.
Ged a tha daoine ag ithe meas a' bhanana san latha an-diugh, bho thùs dh'ith iad na flùraichean agus na tiùbaran. Bha na measan beaga agus bha na sìl mòra. B' e Musa acuminata, planta à Gini Nuadh Phaputhach a bha na shinnsear na bananathan nuadh ach fhuair iad stuth ginteil bho dà spèiseis neo-fhiosraichte eile.[1]
Ro na 1950an b' e Gros Michel a bha ann an cineal bhanana a bha as chudromaiche anns an saoghal, ach bhàsaich an cineal seo le tinneas Phanama. An dèidh sin 's e Cavendish a tha ann an cineal as chudromaiche ach chan ann torrach a tha e agus feumaidh bananathan a bhith a chlònadh. Tha an Cavendish so-leònta ri srèanaichean ùra de thinneas Phanama.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Pennisi, Elizabeth: “Researchers have gone bananas over this fruit’s complex ancestry”, Science. 14mh dhen Dàmhair 2022. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2023.
- ↑ Leatherdale, Duncan: “The imminent death of the Cavendish banana and why it affects us all”, BBC News. 24mh dhen Fhaoilleach 2016. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2023.