Jump to content

Baile

O Uicipeid

An Alba, is e a tha ann am baile ach aite far a bheil bad de taighean comhnaidh suidhichte còmhla. An Èirinn, is ciall don fhacal "baile", "dhachaidh". Ged nach b' fheudar do ach dha neo trì taighean a bhith ann am baile, cha chleachdar an teirm baile airson taigh fa-leth a' seasamh leis fhèin. Uaireanan ged tha, far a bheil tuathanas fad air falbh bho àiteachas eile, cuirear an t-ainm baile-fhearainn air an taigh tuathanaich, còmhla le na stàbullan, sabhalan agus coitean nan sgalag. Is e a tha ann an baile-croitearachd, baile air oighreachd croitearachd. Anns na bailtean croitearachd, is àbhaist do na taighean a bhith sgapta air feadh fearann àiteachas a' bhaile. Ann an sgìre iomallach, chanar clachan, ris an aite far a bheil eaglais neo cille na sgìre suidhichte, mar is tric tha taigh neo dha mun chuairt- a chruthachadh baile air an téid an t-ainm ionadail "Clachan". Is e a tha ann am baile-mòr, baile far a bheil ceudan neo milltean de thaighean, agus sluagh a' comhnaidh ann.

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: