Alanais
Alanais | |
Taigh-staile Dalmore ann an Alanais | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Parraist | Parraist Alanais |
Co-chomharran | 57° 41′ 42″ T 4° 15′ 28.8″ I |
Comharradh-clèithe | NH6569 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2.4 km² |
Àireamh-shluaigh | 5,782 (2011) |
Dlùths | 2,409.17/km² |
Àireamh fòn | 01349 |
Còd-puist | IV17 |
'S e baile beag ann an Siorrachd Rois a tha ann an Alanais[1] (Beurla: Alness). Tha e suidhichte mu 13 km ear-thuath air Inbhir Pheofharain, 20 km tuath air Inbhir Nis agus 5 km iar air Inbhir Ghòrdain faisg air Linne Chrombaidh. Tha abhainn leis an dearbh ainm a‘ sruthadh tron bhaile. Anns a' bhliadhna 2011 bha 5.782 duine a' fuireach an seo, mar sin bha àireamh muinntir a' bhaile a' fàs bho 5.150 duine anns an 2001[2].
Tha stèisean-rèile ann[3] air Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Inbhir Pheofharain agus Inbhir Ghòrdain.[4] Tha an A9 a‘ ruith mu chileameatair tuath air a‘ bhaile. Tha dà thaigh-staile ann an Alanais; Teaninich[5] agus Dalmore[6].
Gheibhear deagh shealladh bho Alanais air Cnoc Fhaoighris le carragh-cuimhne air a mhullach. Bha e air a thogail le Eachann Rothach (8mh Rothach Taigh an Fhuamair) ann an stoidhle Innseanach ann an 1782-83.
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Taigh-staile Teaninich
-
Abhainn Alanais
-
Raon-goilf ann an Alanais
-
Rathad-iarainn tro Alanais
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Alness - Alanais”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ Brinkhoff, Thomas: “City Population” (Beurla). Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “Scotrail stations 2015”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016 (pdf).
- ↑ “Alness”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ van den Heuvel, Johannes: “Teaninich” (Beurla). malt madness. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ van den Heuvel, Johannes: “Dalmore” (Beurla). malt madness. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2017.