Melgar
Melgar
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Tolima | ||||
Àirde | 323m | ||||
Co-chomharran | 04° 12' 14' Tuath 74° 38' 34' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 201 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 32,774 (2005) | ||||
Dlùths | 163.05/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile beag ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th’ann Melgar. Tha e suidhichte aig 323m os cionn ìre na mara 98km air falbh bho Bhogotá agus 96km bho Ibagué, prìomh-bhaile na roinne. ‘ S e baile le cìomaid gu math teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 28˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1872.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 32,774 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 5,945 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Melgar. Tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 3.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.4% dhe na daoine ann an Melgar leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 38.4% dhe na dachannan.[4]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Melgar. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèille an Naoimh Peadar: 29mh An t-Ògmhios gu 2 an t-Iuchar.
- Fèille an Naoimh Antoin à Assisi: 4mh an Dàmhair.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Chaochail Gustavo Rojas Pinilla (1900 – 1975) an seo.