Jump to content

Meppen

O Uicipeid
Meppen
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Emsland
Sgìre Sagsainn Ìosail
Co-chomharran 52° 42' 00' Tuath
07° 18' 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 188.48 km²
Àireamh-shluaigh 34,109 (2013)
Dlùths 180.97/km²
Àireamh fòn 49 (0)5931
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach faisg air a' bhaile Duitseach Enschede air an àirde an iar-thuath na Gearmailte a th’ ann am Meppen. Tha e suidhichte aig 14m os cionn ìre na mara, aig comar nan aibhnichean Hase agus Ems, anns an stàit Sagsainn Ìosail. Tha am baile 110km air falbh bho Bhremen, 169km bho Hànobhar, 378km bho Leipzig agus 413km bho Bherlin.[1] Tha 34,109 duine a' fuireach ann.[2]

Chaidh Meppen a chlàradh airson a' chiad turais ann an 834, nuair a thug an Rìgh Luduwig Cràbhach fearann san sgìre dhan Abaid Corvey. Thugadh piseach air malairt ann an 945, nuair a fhuair Meppen còirichean: stèidheachadh taigh-cuinnidh, thogadh cìsean agus chumadh maragaidh. Reic a' Bhana-Iarla Jutta von Vechte-Ravensburg a cuid oighreachdan ann am Münster, Meppen nam measg, dhan eaglais ann an 1252.[3] Bha am baile a-nis na phàirt Easbaigeachd Mhünster (Gearmailtis: Niederstift Münster). Ann an 1360 chuir an t-Easbaig Adolf à Münster gun togadh ballachan-dìona mu timcheall a' bhaile. Mhair an obair fad 300 bliadhna. Leagadh iad an dèidh Cogadh nan Seachd Bliadhna. Chaidh Meppen a thoirt dhan Diùc Arenberg mar dhìoladh, leis gun do chaill esan a h-uile oighreachd a bha aige air an taobh thall na Rèine ri linn Ar-a-mach na Frainge. B' e prìomh-bhaile na stàite Diùcachd Arenberg-Meppen a bh' ann fad dìreach seachd bliadhna bho 1803 gu ruige 1810, ri linn Co-chaidreachas na Rèine[4] ach chaidh a thoirt a-steach gu Ìmpireachd na Frainge ann an 1811. Bha e fo bhuaidh arm na Pruise fad bliadhna bho 1813 gu 1814. An dèidh Cath Leipzig chaidh Meppen a thoirt a-steach gu Rìoghachd Hànobhair. Thogadh loidhne rèile tron bhaile ann an 1855 agus chaidh Meppen a thoirt a-steach dhan Phruis ann an 1866.[5]

Sgìrean a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

1. Altstadt
Meadhan a' bhaile eachdraidheil agus Talla a' bhaile.

2. Esterfeld

3. Feldkamp

4. Kuhweide

5. Neustadt

6. Nödike

7. Schleusengruppe

Bailtean Beaga

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Apeldorn
  2. Bokeloh
  3. Borken
  4. Groß Fullen
  5. Klein Fullen
  6. Helte
  7. Hemsen
  8. Holthausen
  9. Hüntel
  10. Rühle
  11. Schwefingen
  12. Teglingen
  13. Versen

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Neu Osnabrücker Zeitung
  4. Arenberg Foundation
  5. Haren

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]